An ath chaibideil aig McIlvanney gu bhith a’ comharrachadh linn ùr airson foghlam ann an Siorrachd Àir an Ear
Le teachdaireachdan taiceil a’ cur fàilte is meal-a-naidheachd air bho ùghdaran ainmeil Albannach, bho luchd-foghlaim agus bho luchd-poilitigs de gach pàrtaidh, chaidh an Campas Uilleim McIlvanney ann an Cille Mheàrnaig, a chosg £45 millean, fhosgladh gu h-oifigeil an-diugh (11 Sultain 2018).
Bha Uilleam McIlvanney uair na sgoilear aig Acadamaidh Chille Mheàrnaig, agus bha e na thidsear mus do choisinn e aithneachadh air feadh an t-saoghail airson an sgrìobhaidh aige. Bhàsaich e ann an 2015.
Gus fosgladh foirmeil a’ champais ùir a chomharrachadh, chaidh plaig-chuimhne a neo-sgàileachadh leis an Àrd-ollamh Liam McIlvanney agus leis an Ollamh Siobhan McIlvanney, mac agus nighean an ùghdair nach maireann.
Bha buill eile den teaghlach aig Maighstir McIlvanney cuideachd an làthair, nam measg: a chèile Siobhan Lynch; oghaichean Andrew, Caleb, Isaac agus Diarmid; agus caraidean dlùth an teaghlaich. Thàinig iad don tachartas, còmhla ri 100 aoighean a fhuair cuireadh sònraichte – a’ gabhail a-steach sgoilearan, pàrantan, luchd-obrach a’ champais, Buill Pàrlamaid na h-Alba, Modaratairean Eaglaise agus àrd-mhaithean, a bharrachd air riochdairean bho na meadhanan, bho fhoillseachadh, bho fhoghlam, bhon luchd-togail agus bho riaghaltas ionadail.
Air an àrainn ùir-nodha, a chosg iomadh millean not, tha trì sàr sgoiltean ùra:
- Acadamaidh Chille Mheàrnaig;
- Bun-sgoil Sheumais Hamalton agus Ionad Tràth-leanabachd; agus
- Sgoil na Coille Nuaidh (airson foghlam Gàidhlig).
A’ cur fàilte air an teaghlach McIlvanney agus air aoighean onarach, thuirt Comhairliche Douglas Reid, Ceannard Chomhairle Siorrachd Àir an Ear: “Mar ghille a bha a’ buntainn ris an sgìre, sheall Uilleam McIlvanney dhuinn uile gu bheil rud sam bith comasach le dìcheall, le daingneachd agus le dealas.
“Tha sinn air an fheallsanachd sin fhighe a-steach ann an cridhe na h-àrainn iongantaich ùire seo, agus tha am fosgladh oifigeil an-diugh a’ comharrachadh caibideil ùr san dòigh sa bheil sinn a’ lìbhrigeadh sàr fhoghlam don òigridh ann an Cille Mheàrnaig agus thall.
“Tha mi air mo dhòigh gu bheil teaghlach Uilleim air ùidh mhòr a thoirt ann an leasachadh na h-àrainn iongantaich seo, agus tha e glè fhreagarrach gum bi Liam is Siobhan air ceann na cuirm-fosglaidh, mar urram agus mar chuimhneachan air an athair.”
A’ neo-sgàileachadh na plaig-cuimhne - agus a’ fosgladh a’ champais ùir gu h-oifigeil – thuirt Liam is Siobhan McIlvanney: “Ann an iomadh dòigh, bha foghlam mar snàithlean-stiùiridh ann am beatha ar n-athar mar neach-teagaisg agus mar sgrìobhadair.
“Bhuin e ri Cille Mheàrnaig, agus bha sin glè chudromach dha. Bhiodh e glè phròiseil - mar a tha sinne - gun robh am baile san d’ fhuair e àrach airson an campas foghlaim iongantach seo ainmeachadh na onair.”
Thug Michael McBrearty, Ceannard hub South West, agus Paul Wilson, Àrd-mhanaidsear Pròiseict, Kier Construction, taisbeanadh air mar a chaidh an campas a thogail.
Eadar na foirmealachdan, bha clann bho na sgoiltean a’ cur air dòigh prògram de dhibhearsain a bha sradagach agus sgairteil, mus tug iad tìodhlacan chun an Àrd-ollamh is Ollamh McIlvanney mar bhuidheachas dhaibh airson fosgladh nan sgoiltean aca.
Thugadh taingean le David Rose, Ceannard-sgoile Acadamaidh Chille Mheàrnaig, agus Diane Wright, Ceannard-sgoile Bun-sgoil Sheumais Hamalton agus Ionad Tràth-leanabachd, agus Sgoil na Coille Nuaidh.
Thuirt David Rose: “Tha an Campas Uilleim McIlvanney fìor mhìorbhaileach mar àrainneachd ionnsachaidh agus, bhon chiad latha, bha e sgoinneil gu bhith a’ faicinn cho dealasach is cho brosnaichte ’s a bha a’ chlann, an òigridh is an luchd-obrach againn.
“Chan fhaighear nas fheàrr na na goireasan, a tha a’ tabhann don h-uile neach-ionnsachaidh an cothrom gu bhith ag ionnsachadh, a’ fàs agus a’ leasachadh gus an comas slàn aca a choileanadh. ’Se amannan air leth a tha seo airson a h-uile duine ceangailte ri Acadamaidh Chille Mheàrnaig.”
Thuirt Diane Wright: “ ’Se campas iongantach a th’ ann agus tha e na chuimhneachan freagarrach do dh’Uilleam McIlvanney.
“Bidh na sgoilearan againn a’ faighinn buannachd à foghlam air nach fhaighear nas fheàrr san t-saoghal bho bhith a’ togail air an dìleab sin, agus tha mi air bhioran a dh’fhaicinn dè cho fada ’s a thèid iad, leis na cothroman mìorbhaileach a tha an campas ùr a’ tairgse.”
Thuirt prìomh-bhan-sgoilear Acadamaidh Chille Mheàrnaig, Ellen Taylor: “ ’Se urram mòr gur mi a’ chiad phrìomh-bhan-sgoilear air a’ champas, agus tha mi fhathast a’ tighinn gu sgoil le iongantas air sàilleibh an togalaich – a bheil e fìor! ’Se àite air leth a th’ ann agus tha e fìor bhrosnachail.”
Thuirt Logan Smith, prìomh-sgoilear aig Bun-sgoil Sheumais Hamalton: “Chunnaic mi na sgoiltean ùra gan togail agus bha mi air bhioran mu thighinn an seo. ’S caomh leam e. Tha mòran ri ionnsachadh ann agus mòran ri dhèanamh, agus an rud as fheàrr ’se gum bi mi fhathast leis mo charaidean nuair a thèid sinn gu Acadamaidh Chille Mheàrnaig.”
Co-dhùin an tachartas deas-ghnàthach le ùrnaigh coisrigidh bho Carol Baird, aodhair òigridh, Eaglais Shoisgeulasach a’ Mheadhain, Cille Mheàrnaig, agus le turas treòraichte den champas ùr.
Co-dhùin Comhairliche Reid: “Bha Uilleam na neach-tagraidh dealasach airson foghlam sàr-mhath agus co-ionnan gu bhith aig daoine òga uile, gun ùmhail ri cò às a thàinig iad, agus tha mi air mo dhòigh gu bheil an dìleab sin a’ leantainn oirre tro a mhac agus tro a nighean, dithis a tha nan acadaimigich urramach agus nan ceannardan-foghlaim nan còir fèin.
“Tha mi eòlach air cho pròiseil ’s a bha Uilleam de na choilean iadsan ann an litreachas agus ann an cànanan, agus tha mi cinnteach gum bi eisimpleir an athar a’ gluasad, a’ brosnachadh is a’ misneachadh an ath ghinealaich de luchd-ionnsachaidh dealasach gu bhith a’ leantainn a ro-eisimpleir agus a’ sgrìobhadh air na sàr-thursan aca, mar chaibideil ùr ann an eachdraidh a’ Champais Uilleim McIlvanney.”
Notes to editors
Nòtaichean gu luchd-deasachaidh:
Thàinig teachdaireachdan taiceil bho ùgdharan Albannach, nam measg:
Chris Brookmyre: Choisinn an leabhar aige Quite Ugly One Morning Duais nam Breithnichean airson Tòisichearan airson Ciad Nobhail Eucoir as Fheàrr na Bliadhna ann an 1996. Choisinn Black Widow an Duais McIlvanney ann an 2016, agus chuireadh an leabhar as ùire aige, Places in the Darkness , air a’ ghearr-liosta airson na duaise ann an 2018. Thuirt e:
“Bha Uilleam McIlvanney mar bhrosnachdainn mhòr dhomh, mar sgrìobhadair agus mar phearsa.”
Claire MacLeary: Dh’ainmicheadh a’ chiad nobhail aice, Cross Purpose, airson na Duais McIlvanney 2017 airson Leabhar Eucoir Albannach na Bliadhna. Thuirt i:
“Bha e na urram dhomh a bhith ainmichte airson Duais McIlvanney, agus tha mi a’ guidhe gach soirbheas dhuibh.”
Owen Mullen: Chaidh an nobhail as ùire aige, And So It Began, ainmeachadh mar ‘Rionnag Roghainn’ le Comann Eucoir an Sunday Times. Chaidh an leabhar ainmeachadh uair airson Leabhar Eucoir na Bliadhna McIlvanney. Thuirt e:
“Tha e na urram mòr dhomh gun d’fhuair mi cuireadh gu fosgladh a’ Champais McIlvanney, agus tha mi cinnteach gur e tachartas mìorbhaileach a bhios ann.”
Bha am prògram de dhibhearsain bho sgoilearan a’ gabhail a-steach:
“Mamma Mia Medley”
Còisir Bhun-sgoil Sheumais Hamalton
"Seasons of Love" bhon cheol-chluich Rent le Jonathan Larson
Còmhlan Tèatar Ceòlmhor airson S1-6, Acadamaidh Chille Mheàrnaig
“Cearcall a’Chuain”
P4- P7 Clas Gàidhlig, Sgoil na Coille Nuaidh